Design a site like this with WordPress.com
Get started

CLÀRACHADH AIR-LOIDHNE AIRSON CLAS 1

CLÀRACHADH AIR-LOIDHNE AIRSON CLAS 1 & TRÀTH-IONNSACHADH AGUS CÙRAM-CHLOINNE ANN AN SGOIL AIRSON 2019

Ma bhios ur pàiste còig bliadhna a dh’aois air no ro 29 Gearran 2020, faodar an clàrachadh airson Clas 1.
Tha làn-chòir aig clann a rugadh eadar 1 Màrt 2015 agus 28 Gearran 2017 air àite maoinichte Tràth-ionnsachaidh agus Cùraim-chloinne.
Tha an seisean ùr a’ tòiseachadh air 20 Lùnastal 2019.
’S e an t-seachdain chlàrachaidh airson Clas 1 airson sgoiltean na Gàidhealtachd
Diluain 28 Faoilleach gu Dihaoine 1 Gearran 2019.
’S e an t-seachdain chlàrachaidh airson àiteachan Tràth-ionnsachaidh agus Cùraim-chloinne Diluain 25 Gearran gu Dihaoine 1 Màrt 2019.
Gus ur pàiste a chlàrachadh no airson tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’ lìonadh an fhoirm air-loidhne, pròiseas chlàrachaidh, sgìrean-sgoile, Foghlam tron Ghàidhlig, còmhdhail sgoile agus iarrtasan àiteachan-sgoile, tadhailibh air www.highland.gov.uk/schoolenrolment
Nuair a tha sibh air ur pàiste a chlàrachadh air-loidhne, cuiridh an sgoil fios thugaibh gus inntrigeadh a chur air dòigh.
Ma tha sibh airson ’s gun tèid ur pàiste gu sgoil eile seach a’ bhun-sgoil ionadail agaibh, thoiribh an aire gum feum sibh an clàrachadh an toiseach ann am bun-sgoil na sgìre-sgoile agaibh agus iarrtas airson àite-sgoile a dhèanamh às dèidh sin.
Mura h-eil cothrom agaibh faighinn air-loidhne, faodar fhathast leth-bhreac phàipeir den fhoirm chlàrachaidh a lìonadh aig oifis na sgoile ionadail tron t-seachdain chlàrachaidh.
Thoiribh an aire gum feum sibh teisteanas-breith ur pàiste agus dearbhadh den t-seòladh agaibh a thoirt leibh ma tha sibh a’ clàrachadh aig an sgoil.

Advertisement

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s

Blog at WordPress.com.

Up ↑

%d bloggers like this: